Dà Òran mu Shàoigh

air an seinn le Riona NicIlleBhàin

sung by Riona Whyte

© National Museums Scotland

Gura thall ann an Sòaigh

sgriobhadair gun urra

writer unknown

Mun òran

San òran seo, tha fear òg air tuiteam far creag agus bàsachadh ann an Sòaigh, fear de na h-eileanan ri taobh Hiort, far an robh e ag obair aig na beòthaichean. Tha a theaghlach ga fhaicinn, ach chan urrainn dhomh a chuideachadh.

Tuilleadh fiosrachaidh (sa Ghàidhlig) air làrach-lìn Fèisean nan Gàidheal.

About the Song

In this song, a young man has fallen from a cliff and died while over working with livestock over on Soay, one of the islands in the St. Kildan archipelago. His family can see him, but are unable to help.

Gura thall ann an Sòaigh

Dh’fhàg mi ‘n t-òganach gleusta

Urradh dhèanamh mo thacar

‘S tabhairt dhachaigh na sprèidhe;

Tabhairt dhachaigh na sprèidhe

’S ged a chaidh thu sa chreig ud

Cha b’ e ’n t-eagal a leugh thu

’S ann a rinn do chas straonadh

’S cha d’ fhaod thu riamh èirigh

Bha d’ fhuil air a’ chloich ud

Bha do lot ann ’n dèidh leumadh

Bha thu muigh air bhàrr stuaidhe

’S muir gad fhuasgladh o chèile

Nuair a thàinig do mhàthair

Cha do chàirich i ’m brèid oirr’

Nuair a thàinig do phiuthair

Bha sinn dubhach le chèile

Nuair a thàinig do bhràthair

Cha do chumhainn e ’n t-èigheadh

Bha sinn dubhach is cràiteach

Gad amharc an cèin uainn

Tha mo chuid-s’ de na h-uighibh

Aig a’ bhuidhinn as treubhaich

Tha mo chuid-s’ de na h-eunaibh

Anns na neulaibh ag eughach

Gura thall ann an Sòaigh

Dh’fhàg mi ‘n t-òganach gleusta

Urradh dhèanamh mo thacar

‘S tabhairt dhachaigh na sprèidhe;

Tabhairt dhachaigh na sprèidhe

 

Thulgag Bhòidheach

sgriobhadair gun urra

writer unknown

Mun òran

Òran-iomraidh à Hiort. Thathar ga sheinn mar gu bheil iad a’ guidhe ’s gun toir gach tonn o Shòaigh chun nan eilean iad.

Faodar èisteachd ri clàradh den òran air Tobar an Dualchais.

About the Song

A rowing song from St Kilda. It is sung as if they are encouraging each wave to take them from Soay to the islands.

You can listen to a recording of the song on Tobar an Dualchais.



Thulgag bhòidheach, Thulgag bhòidheach,

Thulgag bhòidheach, null air Sòaigh

Thulgag bhòidheach, Thulgag bhòidheach,

Thulgag bhòidheach, null gu Sòaigh

 

Thulgag eile seo, thulgag eile seo

Thulgag eile seo, null air na h-eileanan

Thulgag eile seo, thulgag eile seo

Thulgag eile seo, null air na h-eileanan

 

Thulgag bhòidheach, Thulgag bhòidheach,

Thulgag bhòidheach, null gu Sòaigh

Thulgag bhòidheach, Thulgag bhòidheach,

Thulgag bhòidheach, null gu Sòaigh